BLAS Festival – Fàilte gu Blas

BLAS Festival – Fàilte gu Blas
Event on 2015-09-04 19:30:00

Chaidh Fèis Bhlas a stèidheachadh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhuinn ri Fèisean nan Gàidheal agus Lìonraidh Luchd-Adhartachaidh nan Ealain. Thug Comhairle na Gàidhealtachd cùmhnant do dh’Fhèisean nan Gàidheal gus obair còmhla ri PAN agus daoine eile gus an fhèis seo a leasachadh don Ghàidhealtachd. Tha Blas cudromach airson iomadh adhbhar agus tha iad rim faicinn am measg ar bun-amasan:
Tha Fèis Bhlas ag amas air dualchas ceòl traidiseanta agus na Gàidhlig air Gàidhealtachd na h-Alba a chomharrachadh. Nì Blas seo gu ìre le bhith cruthachadh chothroman do luchd-ciùil òga cluich còmhla ri agus ionnsachadh bho phrìomh luchd-ciùil traidiseanta agus luchd-ciùil Gàidhlig

Leudaichidh Blas cuideachd na cothroman a th’ aig coimhearsnachdan ceòl beò agus ceòl is seinn Ghàidhlig a chluinntinn a tha cudromach don dualchas aca. Le bhith dèanamh seo, bidh Blas mar sheòl èifeachdach gus ceòl is dualchas a thaisbeanadh do luchd-èisteachd farsaing agus chan e dìreach na daoine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig. Tàlaidh Blas daoine chun na fèise air sgàth nam freumhan dualchasach fìrinneach air a bheil an fhèis bonntaichte

Ann a bhith coileanadh nan amasan seo, tha sinn ag iarraidh gum fàs Blas.’S ann air an adhbhar seo a tha sinn a’ cur fàilte air an taic bho dhaoine fa leth is buidhnean air feadh na Gàidhealtachd agus nas fhaide air falbh agus mar a bhios iad ag obair ann am compàirt leinn, agus a tha ag iarraidh a thighinn còmhla rinn ann a bhith a' coileanadh nan amasan seo.

The Blas Festival was devised by The Highland Council in partnership with Fèisean nan Gàidheal and the Promoters Arts Network. The Highland Council contracted Fèisean nan Gàidheal to work with members of PAN and others to develop this festival for the Highlands. There are many reasons why Blas is important and they are reflected in our core aims:

The Blas festival aims to play a role in celebrating the culture of traditional music and Gaelic in the Highlands of Scotland

Blas will do this in part by creating the opportunities for young musicians to play and learn with leading artists in traditional music and Gaelic

Blas will also widen the opportunities for communities to experience and enjoy live music and Gaelic performances which support their culture

In doing so, Blas will become a major music and cultural showcase for a wide range of audiences beyond just Gaelic

Blas will be a festival which attracts festival-goers because of its authentic cultural identity

In achieving these aims we want to see Blas grow. That is why we welcome the support and partnership of individuals and organisations across the Highlands and beyond, who wish to join us in achieving these aims.

at Phipps Hall
Station Road
Highland, United Kingdom

This entry was posted in Seo and tagged , , . Bookmark the permalink.

Leave a Reply